29.2.16

Air fear/tè/feadhainn ...



Chan urrainnear sa Ghàidhlig an gnìomhair bi a chleachdadh le cuspair dìreach ach le àireamhan, prìsean, meudan 7c (m.e. Tha e fichead bliadhna a dh’aois; Tha iad trì nota deug; Tha sin cus). A bharrachd air sin, feumar roimhear a chleachdadh gus an dàimh eadar cùisear agus cuspair a chur an cèill: Tha i na dotair (le an). Air neo, feumar structair leis a’ ghnìomhair is a chleachdadh: Is e dotair a th’ innte (nas sine: Is dotair i), ged a ghabhas dealachadh foirmeil dèanamh eadar Tha i na dotair (‘am measg rudan eile na beatha, tha i clàraichte na dotair’) agus Is e dotair a th’ innte (‘is ionann i agus dotair’), m.e. Tha i na dotair ach chan e dotair a th’ innte ‘ged a tha dreuchd dotair oirre, cha dèan i an gnothach san dreuchd’.

Gus ‘aonan à buidhinn’ a chur an cèill, cleachdar structairean le bi agus an roimhear air:

(1)
Cuiridh an structair bi cuideigin air fear/tè de rudeigin an cèill gur e fear/tè à àireimh nas motha a th’ ann: Bha an t-Ollamh Watson air fear de phrìomh eòlaichean dhualchainntean na Gàidhlig; Bha athair a seanmhar air fear dhiubh sin; Air fear de bhuill a’ choitheanail an oidhche ud, chì sibh an t-Urr. Iain Mac a’ Ghobhainn; Cha robh thu air fear de na balaich sna làithean sin, mur an do roghnaich thu seasamh gus coimhead ball-coise; Tha i air tè de cheud duine a chaidh a thaghadh; Mur seachainn thu an t-òl, is math a dh’fhaodte gum bi thusa air fear de na mheallar (‘den fheadhainn a mheallar’) leis an digh; Tha mise air fear de na ministearan aig a bheil an seann fhasan gach nì a tha sa Bhìoball a chreidsinn; Tha Somhairle MacGill-Eain air fear de na bàird Albannach aig a bheil seasamh nàiseanta agus eadar-nàiseanta.


Thèid an structair seo a chleachdadh gu tric le brìgh anardach a’ bhuadhair choimeasaich (aonan à mòran): Tha fir-tàileisg Leòdhais air feadhainn de na fianaisean eachdraidh as inntinniche; Bha i air tè de na boireannaich a bu bhrèagha air an do laigh sùil peacaich a-riamh; Bhiodh i air a bhith air tè de na croisean as leithne am Breatainn ’s an Èirinn; Na latha bha an sgìre seo air tè de na sgìrean a bu lìonmhoire; Bha an dealbh-cluiche seo air fear de na pròiseactan a bu shoirbheachail a rinn Meanbh-chuileag a-riamh.

(2)
Gabhaidh air fear/tè fhèin cleachdadh le ceum co-ionannach a’ bhuadhair: Tha e air a bhith air fear-gnothaich cho soirbheachail ’s a th’ ann an ceann a tuath Shasainn; Tha Feachd-Smàlaidh agus Teasairginn ùr na h-Alba air tè cho mòr ’s a tha san Roinn Eòrpa.

(3)
A thuilleadh air seo, tha structair ann far an tèid air a leantainn le ainmear iolra (.i. le brìgh iolra) agus buadhair coimeasach na dhèidh: Tha còmhlain phìoba Albannach à Canada air an fheadhainn as fheàrr air an t-saoghal, .i. tha iad air cuid den fheadhainn as fheàrr air an t‑saoghal.

Is coltach gur e an roimhear air seo an roimhear air ‘air mullach, os cionn’ (à SG for, nach bitheadh a’ sèimheachadh), ged a bhios sèimheachadh gu tric a’ leantainn ar ann an structairean ceudna ann an Gàidhlig na h-Èireann: (1) Tá sin ar cheann de na rudaí a dúirt mé ‘tha sin air fear de na rudan a thuirt mi’; (2) Tá sé ar fhear chomh maith leat ‘tha e air fear cho math riut’; (3) Tá sé ar na daoine is mó sa rang ‘tha e air na daoine as motha sa chlas’. Chaidh SG for (gun sèimheachadh) agus SG ar (le sèimheachadh) am measg a chèile gu ìre ann an Gàidhlig na h-Èireann. Gu foirmeil, chaidh an cumail fa leth ann an Gàidhlig na h-Albann; faic http://bloighgramair.blogspot.co.uk/search/label/air.

5.2.16

saoil ...



Gabhaidh an gnìomhair saoil ‘creid, beachdaich, smaoinich’ cleachdadh mar a chleachdar gnìomhairean eile a bhuineas do na ciadfathan: Saoilidh mi gur e; An saoil thu sin? Cha s(h)aoil. Coim. Cluinnidh sinn fuaim; Am faic thu am bàta?; Chan fhairich mi càil; An aithnich thu i?; Chan fhuiling mi siud. Thèid an cruth ceisteach, (an) saoil, a chleachdadh cuideachd às aonais riochdair phearsanta: Saoil am faigh mi iasad air a’ chàr a-nochd?

Anns na h-eisimpleirean a tha shuas, tha an tràth teachdail ga chleachdadh ann am brìgh làthairich. ’S e as adhbhar dha seo gum b’ e tràth làthaireach, bho thùs, a bh’ anns an tràth a th’ againn mar thràth teachdail an-diugh.

B’ àbhaist do chruthan co-thàthaidh (m.e. chuirinn ‘*chuireadh mi’; chuireamaid ‘chuireadh sinn’ 7c) a bhith na bu chumanta sa chànan, agus chithear eisimpleir eile dheth seo sa chruth saoileam ‘saoilidh mi’, a chluinnear fhathast; ’s e sin an aon seòrsa crutha a gheibhear, mar eisimpleir, san òran ‘Oidhche Mhath Leibh’:  Guidheam slàinte ’ghnàth bhith mar ribh ‘tha mi a’ guidhe gum bi slàinte an-còmhnaidh còmhla ribh’.

Thachair dà rud dhan chruth saoileam, ge-tà: air an dàrna làimh, dh’fhairich cuid de dhaoine gur ann à *saoil leam a bha am facal, mar a th’ againn ann an (’s) math leam 7c; air an làimh eile, chaidh cruth caithte (tro shèimheachadh) a chur air an fhacal agus, mar thoradh air seo, gheibhear saoileam/*saoil leam ‘saoilidh mi’ agus shaoileam/*shaoil leam ‘shaoil mi’.

Is math dh’fhaodte gur ann a chionn buaidh an fhacail saoil a chaidh am facal smuain (coim. SG smúainid ‘smuainichidh e’, agus SG smúained ‘smuaineachadh’) na smaoin (smaoinich, smaoineachadh) ann am mòran àiteannan.

2.2.16

ciad, ceudna ...



B’ àbhaist ciad ‘(am) prìomh (rud ann an sreath)’ a sgrìobhadh ceud. ’S ann às an t-Sean Ghàidhlig cét- (a bha na ro-leasachan) a tha e. Gus am facal a dhealachadh ri ceud ‘100’ (SG cét), thòisich daoine ga sgrìobhadh ciad, gu h-àraid san dàrna leth dhen 20mh linn – cleachdadh a chaidh a dhaingneachadh ann am molaidhean GhOC (1981, 2005, 2009). 

Mar bhuadhair, bhiodh cruth an uilt air thoiseach air ciad a rèir gnè agus àireamh an ainmeir às a dhèidh, m.e. an ciad fhear (fir.); a’ chiad bhean (boir.); na ciad làithean (iol.). An-diugh, airson na mòr-chuid, cleachdar a’ an dà chuid ro ainmearan fireann agus boireann san tuiseal bhunasach: a’ chiad fhear; a’ chiad bhean. (Is coltach gu bheil cruthan mar a’ chiad làithean (le alt singilte ro ainmear iolra) an àite na ciad làithean mar thoradh air rèiteachadh cuideachd.)

B’ e cétnae an àireamh òrdail àbhaisteach san t-Sean Ghàidhlig, agus tha sin fhathast againn sa chruth ceudna ‘aon’, m.e. an rud ceudna ‘an aon rud’. Bha am facal na ainmear cuideachd, agus tha an abairt Nua-Ghàidhlig mar an ceudna ‘air an aon dòigh, cuideachd’, mar eisimpleir, cumanta fhathast. Chaidh ceudna na ceunda ann an corra dhualchainnt.

9.12.15

Barrachd, tuilleadh agus còrr



Aig bun, tha brìgh nan ainmearan seo eadar-dhealaichte:

barrachd ‘meud nas motha’: tha barrachd bidhe air an truinnsear sin na tha air an fhear agamsa; tuilleadh ‘meud eile’: an dèidh dhut na tha agad an sin ithe, tha tuilleadh sa phoit, ma bhios tu ga iarraidh; còrr ‘na tha air fhàgail’: sìn thugam a’ phoit a-nis agus gabhaidh mi làn na spàine de na tha innte, ach chan ith mi an còrr.

(1) barrachd boir. (+ gin.) ‘àireamh no meud nas motha’: tha mi ag iarraidh barrachd; barrachd dhaoine; barrachd fiosrachaidh. (2) barrachd air abairt ainmeach (+ tabh.) ‘thairis air, nas motha na’: barrachd air uair a thìde; barrachd orrasan. (3) barrachd co-ghnìomhair ‘nas motha’: tha i a’ dol a-mach barrachd. (4) a bharrachd buadhair do-chlaonadh ‘eile’: latha a bharrachd. (5) a bharrachd air roimhear fillte (+ tabh.) ‘air mullach air, a bhàrr air’: a bharrachd air sin; a bharrachd oirnn fhìn.

(1) tuilleadh fir. (+ gin.) ‘àireamh eile, meud eile’: an gabh thu tuilleadh?; dè tuilleadh a tha ri ràdh?; tuilleadh fiosrachaidh; gu tric leis an alt agus ainmear ga leantainn san tuiseal ghin.: an dèidh an tuilleadh beachdachaidh. (2) tuilleadh agus abairt ainmeach ‘ro, cus’: bha tuilleadh is a chòir ann; abairt bhuadhaireach no co-ghnìomhair: tha e tuilleadh is furasta; dh’fhàs i tuilleadh is àrd. (3) tuilleadh co-ghnìomhair ‘a-rithist’: cha deach bruidhinn ris tuilleadh; chan fhaic mi tuilleadh e; ann an abairtean co-ghnìomhaireach: bha iad toilichte a-riamh tuilleadh; bidh i ann gu bràth tuilleadh/a-chaoidh tuilleadh; cha bhi e fada tuilleadh. (4) a thuilleadh air roimhear fillte (+ tabh.) ‘air mullach air, a bhàrr air’: a thuilleadh air sin.

(1) còrr fir. (leis an alt) ‘na tha air fhàgail, an rud eile, dad eile’: chan eil an còrr agam ri ràdh; dè an còrr as urrainn dhomh a ràdh?; le de: an còrr den ùine. (2) còrr agus abairt ainmeach ‘thairis air, nas motha na’: còrr is fichead bliadhna; còrr math is deich.

Air uairean, gheibhear barrachd agus an àite barrachd air; tuille an àite tuilleadh.