10/02/2010

aon chuid ... no ~ an dà chuid ... agus

Cleachdar aon chuid ... no gus nochdadh gu bheil roghainn eadar an dàrna rud agus an rud eile: bhiodh e a' fuireach aon chuid san taigh ud no san taigh eile. Tha an dara cuid ... no ri lorg mar an ceudna: bhiodh e a' fuireach an dara cuid san taigh ud no san taigh eile. Tha an dà chuid ... agus a' ciallachadh an dà rud còmhla: tha taigh aice an dà chuid ann an Glaschu agus air an eilean.