10/13/2010

An t-asgair (')

Innsidh an samhla seo gun deach litir no litrichean fhàgail às: is e ach 's e, bu mhi ach b' e, tha e ag ithe ach tha e a' dèanamh, am mac ach a' mhadainn. Chan eil ceart-sgrìobhadh na Gàidhlig ro dhèidheil air asgairean tuilleadh, m.e. anns a' mhadainn ach sa mhadainn; *chaidh e ann a shaighdear > chaidh e na shaighdear.

Cha chleachdar asgair le a 'do': a bhith glic; chaidh i a sheinn; dh'fhalbh e a dh'fhuireach; no le a 'de': sguir a bhruidhinn.