11/08/2010

An uimhir dheise

Cleachdar an uimhir dheise ann an co-bhonn ris a' bhuadhair àireamhail : dà bhothan mhòr. 'S e an a tha anns an alt deise anns a h-uile h-àite (an dà bhothan mhòr) ach san tuiseal ghinideach bhoireann, far an tèid e na na (air cùl na dà bhothaig mòire). Tha an cruth bunasach deise aig ainmearan fireann (agus na buadhairean aca) co-ionann ri an cruth bunasach singilte; tha cruth bunasach deise aig ainmearan boireann (agus na buadhairean aca) co-ionann ri an cruth tabhartach singailte, far an tèid litir dheiridh leathann a chaolachadh: (bun.) dà cheann mhòr, mo dhà làimh mhòir; (gin.) air chùl an dà chinn mhòir, air chùl mo dhà làimhe mòire; (tabh.) air an dà cheann mhòr, air mo dhà làimh mhòir. Mar a chithear gu h-àrd, thèid an t-ainmear a shèimheachadh le agus thèid buadhair càileach a shèimheachadh leis an ainmear dheise ach san tuiseal ghinideach bhoireann (air chùl mo dhà làimhe mòire).