9/19/2011

foghain, a' fòghnadh

Nochdaidh an gnìomhair FOGHAIN 'bi gu leòr' (air a sgrìobhadh foghainn no fòghainn air mhearachd ann an cuid de dh'fhaclairean) ann an abairtean mar fòghnaidh sin 'is leòr sin' agus fòghnaidh na dh'fhòghnas 'nì e an gnothach'. Eisimpleirean eile: bha pinnt bainne ann, ach cha do dh'fhoghain e dhuinn; am fòghnadh e do dhithis? chan fhòghnadh.

Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, d. 392, §437 (v)

 

3/27/2011

dè fo ghrian ...?

'S e ainmear boireann à Rang II boir. (.i. coltach ri bròg bròige, caileag caileige) a th' ann an grian: (bun.) tha a' ghrian a' dol fodha; (gin.) aig dol fodha na grèine; (tabh.) na ròin gam blianadh sa ghrèin. Air a' chiad sealladh, a-rèist, tha e na iongnadh gun canar, mar eisimpleir, dè fo ghrian a tha sin? 'dè air thalamh a tha sin?'. An dèidh an roimheir fo, bhite an dùil ris an tuiseal thabhartach, mar a tha ann an chan eil teagamh fon ghrèin agam 'chan eil teagamh sam bith agam', ach tha e coltach gur h-e giorrachadh a th' ann am fo ghrian an seo airson fo ghrian nan speur 'fo ghrian nan nèamh' agus gur h-e sin as coireach nach eil claonadh ri fhaicinn san ainmear an seo: dè fo ghrian nan speur a tha sin?

Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, d. 341, §359 (vii)(a) + bn 60; d. 92, §72 (ii)

 

3/13/2011

aon cheud, dà cheud, trì cheud ...

A thuilleadh air aon cheud agus dà cheud, gheibhear trì cheud, ceithir cheud agus fiù 's còig cheud ann an corra dhualchainnt. 'S e fuidheall àrsaidh a tha seo. Nuair a bha trì gnèithean fhathast aig a' Ghàidhlig (fireann, boireann agus neodrach), bha ceud na fhacal neodrach. An dèidh fhacal neodrach a ghabhadh claonadh san t-Sean Ghàidhlig, bhite an dùil ri sèimheachadh anns na tuisealan ainmneach agus cuspaireach – le chèile an tuiseal bunasach againne – agus san tuiseal ghairmeach. Bha seo a' toirt a-steach SG trí 'trì' agus cethair 'ceithir' sna suidhichean sin. B' e sèimheachadh a bhiodh a' leantainn SG cóic 'còig', ged nach e a h-uile dualchainnt a chleachdas còig cheud an-diugh.

Air uairean, sgaoilear sèimheacheadh gu facail eile le c thoisich, gu h-àraidh le ainmearan cumanta, m.e. trì choin.

Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig, d. 171, §149 (iii)(b) + bn 16
 

2/28/2011

Loch a' Bhaile na Dùine

A rèir riaghailtean gràmar na Gàidhlig, tha co-rèir an ainme seo ceàrr, agus dà alt (a' agus na) a' nochdadh ann. Cha bhithear an dùil ris an alt ann an sreath de dh'ainmearan ann an co-chur ginideach ach ron ainmear dheireannach, m.e. muinntir a' Ghearasdain, muinntir an Eilein Sgitheanaich, agus, ma bhios an t-ainmear deireannach deimhinnte mu thràth, cha bhi an t-alt a' nochdadh idir, m.e. muinntir Ghlaschu. (An seo, tha am facal muinntir, agus e a' comharradh an ainmeir na dhèidh san tuiseal ghinideach, deimhinnte mar a tha.) Mothaichibh cuideachd nach bi ach an t-ainmear mu dheireadh san t-sreath san tuiseal ghinideach: ceann earball a' choin (chan e *ceann earbaill a' choin).

'S ann a tha Loch a' Bhaile na Dùine na mhura-bhith an seo: tha dà loch nan laighe faisg air a chèile air taobh siar Leòdhais, an dàrna fear anns a' bhaile air a bheil Tolstadh mar ainm agus am fear eile anns a' bhaile air a bheil An Dùn. Gabhaidh sgaradh a dhèanamh eadar an dà loch, ge-tà, le bhith ag ainmeachadh a' bhaile dham buin iad: Loch a' Bhaile Tholstaidh air an dàrna làimh agus Loch a' Bhaile na Dùine air an làimh eile – mar a chithear, thèid an riaghailt cho-rèir àbhaisteach a bhriseadh leis an dà ainm.

2/13/2011

air beulaibh

Bhite a' faicinn an roimheir air beulaibh 'ro, fa chomhair' air a sgrìobhadh air beulaobh air uairean (m.e. ann an Dwelly), mar gum b' ann à *air beul thaobh a thàinig an abairt, ach 's e sean chruth tabhartach iolra a th' ann am beulaibh 'beòil'. Tha an aon chruth ri fhaicinn ann an air cùlaibh 'an dèidh, air an taobh chùil'. Bha uair a bha an dùnadh tabhartach iolra -(a)ibh na bu chumanta ach, a bharrachd air air beulaibh is air cùlaibh, chan fhaicear e ach ann an corra abairt san latha an-diugh, m.e. a-chianaibh 'bho chionn greis'; an caraibh: chaidh iad nan caraibh 'ghreimich iad ri chèile'. Chithear an dùnadh cuideachd ann an gnàth-fhacail no seanfhacail, m.e. Clanna nan Gàidheal an guaillibh a chèile 'slòigh nan Gàidheal ann an guaillean a chèile (.i. a' cur taic ri chèile)'.

2/06/2011

Earra-Ghàidheal ~ Innse Gall

'S e fìor sheann ainm a th' ann an Earra-Ghàidheal. Air ainmeachadh sa Mheadhan Ghàidhlig mar Airer Gáidel (SG Airer nGoídel), thathas den bheachd gur h-e 'oirthir Ghàidheal' as ciall dha, ged nach deach a mhìneachadh fhathast ciamar a chaidh airer na earr/earra (coim. 1560 Errghaodheal). Tha am facal Gàidheal san ainm Earra-Ghàidheal san tuiseal ghinideach iolra agus 's e sin as coireach gu bheil sèimheachadh san ainmear (coim. mòran bhalach), agus 's e sin as coireach nach tèid am facal a chlaonadh nuair a bhios an t-ainm fhèin san tuiseal ghinideach, m.e. muinntir Earra-Ghàidheal (chan e *muinntir Earra-Ghàidheil): 's ann a tha e san tuiseal ghinideach iolra mu thràth.

Tha an t-ainm Innse Gall a cheart cho sean ri Earra-Ghàidheal ach nas sine ann an cruth. 'S ann à SG Insi Gall 'eileanan Ghall no eileanan choigreach' a tha Innse Gall, agus gall san tuiseal ghinideach iolra mar a tha Gàidheal ann an Earra-Ghàidheal. Ach, fhad 's a chaidh Gàidheal a shèimheachadh san ainm Earra-Ghàidheal a rèir riaghailtean na Nua-Ghàidhlig, cha do thachair a leithid ri Gall ann an Innse Gall, agus e a' gleidheadh a fhìor shean chrutha, a chruthaicheadh mus tòisicheadh air ainmearan ginideach iolra neo-dheimhinnte a shèimheachadh.

1/30/2011

theab

'S e gnìomhair uireasbhach a tha seo, .i. fear anns nach fhaighear sreath slàn de chruthan (coim. can, faod, feum): cha chleachdar theab an-diugh ach san tràth chaithte. 'S e 'caillidh no fàilligidh' a bu chiall don Mheadhan Ghàidhlig teipid, a chaidh a bhrìgh na 'cha mhòr nach, faisg air' san nuadh chànan: theab nach deach leinn aig a' cho-fharpais 'cha mhòr nach do dh'fhàillig sinn ...'. Thèid an gnìomhair a leantainn gu tric le ainmear gnìomhaireach: (guth spreigeach) theab i fanntaigeadh 'cha mhòr nach do dh'fhanntaig i'; an do theab thu do làmh a losgadh? theab; (guth fulangach) theabadh a mharbhadh 'cha mhòr nach deach a mharbhadh ...'. Dh'aithriste sgeulachd neònach mu thuathanach a bha a' fuireach ann an Kalamazoo am Michigan, gun robh e latha a-muigh aig obair nuair a thàinig sgaoth fhitheach a chaidh an sàs ann. Thàinig daoine eile ga chuideachadh agus an dèidh ochd air fhichead de na h-eòin dhubha a mharbhadh, fhuair iad air càch fhuadach air falbh on duine bhochd a theabadh (a) ithe beò leotha.

1/15/2011

an-dràsta ~ a-nise

'S ann a thig an-dràsta 'aig an àm seo, aig an dearbh àm seo' à SG a tráth-sa 'an tràth seo' (.i. *a dtráth-sa, agus an t-alt neodrach cuspaireach a' dùbhradh an ainmeir) > *a dtrásta (le càradh eadar th is s: ths > st) > GA an dràsta (air a sgrìobhadh an-dràsta an-diugh, mar cho-ghnìomhair do-mhùthadh). 'S ann a thig a-nise (cuideachd a-nis, nise, nis) 'aig an àm seo' à SG indossa; coim. GE anois.

Gabhaidh iad cleachdadh ann an raon de shuidheachaidhean ama: Caithte, o chionn ghoirid: (a) 's e uisge a bhathas a' gealltainn an-dràsta; (b) tha mi deiseil dheth nis. Làthaireach, aig an dearbh àm seo: (a) chan urrainn dhomh stad an-dràsta. Co-aimsireil, timcheall air an àm seo, air na làithean seo: (a) tha i ag obair aig a' bhanca an-dràsta; (b) tha e ag obair aig an taigh a-nis. Teachdail, an-ceartuair: (a) mar sin leat an-dràsta; (b) dè leughas tu nis? Clisgeach: (b) nise, dè do bheachd air sin? Air uairean: (a) an-dràsta is a-rithist.