30.1.11

theab

'S e gnìomhair uireasbhach a tha seo, .i. fear anns nach fhaighear sreath slàn de chruthan (coim. can, faod, feum): cha chleachdar theab an-diugh ach san tràth chaithte. 'S e 'caillidh no fàilligidh' a bu chiall don Mheadhan Ghàidhlig teipid, a chaidh a bhrìgh na 'cha mhòr nach, faisg air' san nuadh chànan: theab nach deach leinn aig a' cho-fharpais 'cha mhòr nach do dh'fhàillig sinn ...'. Thèid an gnìomhair a leantainn gu tric le ainmear gnìomhaireach: (guth spreigeach) theab i fanntaigeadh 'cha mhòr nach do dh'fhanntaig i, cha mhòr nach deach i na luairean', theab e a bheatha a chall san tubaist sin 'cha mhòr nach do chaill e a bheatha ...', theab a' chraobh tuiteam 'cha mhòr nach do thuit a' chraobh', an do theab thu do làmh a losgadh? theab; (guth fulangach) theabadh a mharbhadh san tubaist sin 'cha mhòr nach deach a mharbhadh ...', 'theabadh a' chraobh a leagail 'cha mhòr nach deach a' chraobh a leagail'. Dh'aithriseadh sgeulachd neònach mu thuathanach a bha fuireach ann an Kalamazoo am Michigan, gun robh e latha a-muigh aig obair nuair a thàinig sgaoth fhitheach a chaidh an sàs ann. Thàinig daoine eile ga chuideachadh agus an dèidh ochd air fhichead de na h-eòin dhubha a mharbhadh, fhuair iad air càch fhuadach air falbh on duine bhochd a theabadh ithe beò leotha.

15.1.11

an-dràsta ~ a-nise

'S ann a thig an-dràsta 'aig an àm seo, aig an dearbh àm seo' à SG a tráth-sa 'an tràth seo' (.i. *a dtráth-sa, agus an t-alt neodrach cuspaireach a' dùbhradh an ainmeir) > *a dtrásta (le càradh eadar th is s: ths > st) > GA an dràsta (air a sgrìobhadh an-dràsta an-diugh, mar cho-ghnìomhair do-mhùthadh). 'S ann a thig a-nise (cuideachd a-nis, nise, nis) 'aig an àm seo' à SG indossa; coim. GE anois. Gabhaidh iad cleachdadh ann an raon de shuidheachaidhean ama: Caithte, o chionn ghoirid: (a) 'S e uisge a bhathas a' gealltainn an-dràsta. (b) Tha mi deiseil dheth nis. Làthaireach, aig an dearbh àm seo: (a) Chan urrainn dhomh stad an-dràsta. Co-aimsireil, timcheall air an àm seo, air na làithean seo: (a) Tha i ag obair aig a' bhanca an-dràsta. (b) Tha e ag obair aig an taigh a-nis. Teachdail, an-ceartuair: (a) Mar sin leat an-dràsta. (b) Dè leughas tu nis? Clisgeach: (b) Nise, dè do bheachd air sin? Air uairean: (a) An-dràsta is a-rithist.

10.1.11

Bidh thu ann a-màireach, nach bi? Bithidh.

Tha bidh (gun bheum: Bidh e ann aig còig.) na chruth lùghdaichte à bithidh (SG bíid, beumte: Am bi e ann? Bithidh.), agus bidh agus bithidh le chèile nan cruthan neo-eisimeileach teachdail den ghnìomhair bi 'bi ann, mair', .i. 's iadsan na cruthan a chleachdar aig toiseach rosgrainn. 'S e bi (SG ) an cruth eisimeileach, a chleachdar an dèidh mhìrean gnìomhaireach (Am bi thu fhèin ann? Cha bhi.) no naisgearan (Thuirt i gum bi e anmoch mus bi i fhìn ann.).

3.1.11

a' Challainn

Facal Laidinn (kalendae) bho thùs a chaidh na calainn/callainn, gin. cailne/caille,
san t-Sean Ghàidhlig. Sgrìobhar Callainn, gin. Callainn(e), an Gàidhlig na h-Albann, ach gheibhear Caileann (cho math ri Calann) an Gàidhlig na h-Èireann, a tha, a rèir choltais, na chùl-chinntinn air cailne gin. > caileann bun., coim. muilne gin. < muileann bun. 'S e 'a' chiad latha den mhìos' a bu chiall dhan fhacal an toiseach, mus deach a chuingealachadh gu 'a' chiad latha den bhliadhna', .i. Latha na Bliadhna Ùire; às an sin, Oidhche Challainn(e), .i. an latha ron Challainn.