1/30/2011

theab

'S e gnìomhair uireasbhach a tha seo, .i. fear anns nach fhaighear sreath slàn de chruthan (coim. can, faod, feum): cha chleachdar theab an-diugh ach san tràth chaithte. 'S e 'caillidh no fàilligidh' a bu chiall don Mheadhan Ghàidhlig teipid, a chaidh a bhrìgh na 'cha mhòr nach, faisg air' san nuadh chànan: theab nach deach leinn aig a' cho-fharpais 'cha mhòr nach do dh'fhàillig sinn ...'. Thèid an gnìomhair a leantainn gu tric le ainmear gnìomhaireach: (guth spreigeach) theab i fanntaigeadh 'cha mhòr nach do dh'fhanntaig i'; an do theab thu do làmh a losgadh? theab; (guth fulangach) theabadh a mharbhadh 'cha mhòr nach deach a mharbhadh ...'. Dh'aithriste sgeulachd neònach mu thuathanach a bha a' fuireach ann an Kalamazoo am Michigan, gun robh e latha a-muigh aig obair nuair a thàinig sgaoth fhitheach a chaidh an sàs ann. Thàinig daoine eile ga chuideachadh agus an dèidh ochd air fhichead de na h-eòin dhubha a mharbhadh, fhuair iad air càch fhuadach air falbh on duine bhochd a theabadh (a) ithe beò leotha.