9.12.15

Barrachd, tuilleadh agus còrr



Aig bun, tha brìgh nan ainmearan seo eadar-dhealaichte:

barrachd ‘meud nas motha’: tha barrachd bidhe air an truinnsear sin na tha air an fhear agamsa; tuilleadh ‘meud eile’: an dèidh dhut na tha agad an sin ithe, tha tuilleadh sa phoit, ma bhios tu ga iarraidh; còrr ‘na tha air fhàgail’: sìn thugam a’ phoit a-nis agus gabhaidh mi làn na spàine de na tha innte, ach chan ith mi an còrr.

(1) barrachd boir. (+ gin.) ‘àireamh no meud nas motha’: tha mi ag iarraidh barrachd; barrachd dhaoine; barrachd fiosrachaidh. (2) barrachd air abairt ainmeach (+ tabh.) ‘thairis air, nas motha na’: barrachd air uair a thìde; barrachd orrasan. (3) barrachd co-ghnìomhair ‘nas motha’: tha i a’ dol a-mach barrachd. (4) a bharrachd buadhair do-chlaonadh ‘eile’: latha a bharrachd. (5) a bharrachd air roimhear fillte (+ tabh.) ‘air mullach air, a bhàrr air’: a bharrachd air sin; a bharrachd oirnn fhìn.

(1) tuilleadh fir. (+ gin.) ‘àireamh eile, meud eile’: an gabh thu tuilleadh?; dè tuilleadh a tha ri ràdh?; tuilleadh fiosrachaidh; gu tric leis an alt agus ainmear ga leantainn san tuiseal ghin.: an dèidh an tuilleadh beachdachaidh. (2) tuilleadh agus abairt ainmeach ‘ro, cus’: bha tuilleadh is a chòir ann; abairt bhuadhaireach no co-ghnìomhair: tha e tuilleadh is furasta; dh’fhàs i tuilleadh is àrd. (3) tuilleadh co-ghnìomhair ‘a-rithist’: cha deach bruidhinn ris tuilleadh; chan fhaic mi tuilleadh e; ann an abairtean co-ghnìomhaireach: bha iad toilichte a-riamh tuilleadh; bidh i ann gu bràth tuilleadh/a-chaoidh tuilleadh; cha bhi e fada tuilleadh. (4) a thuilleadh air roimhear fillte (+ tabh.) ‘air mullach air, a bhàrr air’: a thuilleadh air sin.

(1) còrr fir. (leis an alt) ‘na tha air fhàgail, an rud eile, dad eile’: chan eil an còrr agam ri ràdh; dè an còrr as urrainn dhomh a ràdh?; le de: an còrr den ùine. (2) còrr agus abairt ainmeach ‘thairis air, nas motha na’: còrr is fichead bliadhna; còrr math is deich.

Air uairean, gheibhear barrachd agus an àite barrachd air; tuille an àite tuilleadh.